HC
Posted 1 week ago
Teacher (Secondary), Gaelic, Start date 17/08/2026, Farr Primary & Secondary School, Bettyhill, HGH20815 - HGH20815
HIGHLAND COUNCIL
📍 Mold, Flintshire
💷 £52,740
Job description

Job Description

Tiotal Dreuchd: Tidsear (Àrd-sgoil, Gàidhlig)

Àite: Bun-Sgoil & Àrd-Sgoil Far, Am Blàran Odhar, Inbhir Theòrsa

Uairean: 35 san t-seachdain

Ùine: Maireannach

Tuarastal: £35,022 - £52,740

Neach Fiosrachaidh: Katherine Van Voornveld Post-d: WoodK@highland.gov.uk

Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.

Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach  mura h-eil  sibh a’ coinneachadh  an dà  shlat-tomhais a leanas:

Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.

Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.

Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach.

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.

Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.

Tha pasgan ath-shuidheachaidh aig a’ Chomhairle agus math dh’fhaodte gum bi seo ri fhaotainn dhan tagraiche shoirbheachail.

Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail.

Requirements

GTCS REGISTRATION IS ESSENTIAL